Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Criomagan

Tha an duilleag seo a’ mìneachadh dè a th’ ann an criomagan, mar a tha iad ag obair, ciamar a bu chòir an làimhseachadh agus mar a bhios sinn a’ cleachdadh chriomagan.

Dè th’ ann an criomagan?

’S e a th' ann an criomagan ach faidhlichean teacsa beaga a bhios làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a’ cur air a’ choimpiutair agad. Bidh iad a’ cuideachadh na làraich-lìn seo ag obair.

Bidh criomagan a’ tional fiosrachadh mu mar a chleachdas tu an làrach seo gus an dèan sinn cinnteach gu bheil e a’ coinneachadh ris na feumalachdan agad. Cha bhi iad a’ tional fiosrachadh a ghabhadh cleachdadh gus d’ aithneachadh gu pearsanta.

Mar a bhios criomagan ag obair

Bidh criomagan a’ stòradh fiosrachadh air an inneal a tha thu a’ cleachdadh. Aig amannan tha am fiosrachadh seo riatanach ma tha thu airson comasan làraich-lìn a chleachdadh. Mar eisimpleir, ma dh’fheumas tu logadh a-steach, leigidh criomag leis an làraich-lìn d’ fhiosrachadh logadh a-steach aithneachadh.

Faodar criomagan a chleachdadh cuideachd gus tuairisgeul dhed ghnìomhachd a chruthachadh air làrach-lìn. Tha seo a’ gabhail a-steach dè na duilleagan air am bi thu a’ tadhal agus dè cho fada ’s a chaitheas tu air gach duilleag.

Faodaidh làrach-lìn am fiosrachadh seo a chleachdadh gus na duilleagan a chì thu a dhèanamh freagarrach dhut nuair a thadhlas tu aig àm eile.

Tha liosta gu h-ìosal de mar a bhios Pàrlamaid na h-Alba a’ cleachdadh chriomagan.

Làimhseachadh no cur às do chriomagan

Leigidh a h-uile dreach a nochd bho chionn ghoirid de bhrobhsairean ainmeil, leithid Google Chrome, Internet Explorer no Mozilla Firefox, smachd a chumail air criomagan.  Faodaidh tu do bhrobhsair a sheatadh gu:

  • Gabh ris a h-uile criomag
  • Diùlt gach criomag
  • Gabh ri no diùlt cuid de chriomagan

Mar eisimpleir, is dòcha gum biodh tu toilichte gabhail ri criomag a leigeas leat logadh a-steach air làrach-lìn, ach gu bheil thu airson feadhainn a dhiùltadh a tha air an cleachdadh gus tuairisgeul a chruthachadh air mar a chleachdas tu an eadar-lìon.

Bu chòir dhut cuideachd a bhith comasach air do bhrobhsair a sheatadh gus innse dhut gach uair a thèid criomag a thabhann.

Tadhail air làrach-lìn Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh gus faighinn a-mach ciamar as urrainn dhut criomagan a làimhseachadh no a sguabadh às.

Mar a bhios sinn a’ cleachdadh chriomagan

Bidh sinn a’ cleachdadh chriomagan airson dà adhbhar:

  • gus a dhèanamh nas fhasa dhut an làrach-lìn a chleachdadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach a dhèanamh nas luaithe agus nas fhasa dhut na tha a dhìth ort a lorg, no cuimhneachadh air na roghainnean agad.
  • gus fiosrachadh a chruinneachadh mu mar a chleachdas tu an làrach-lìn againn tro Google Analytics (GA). Tha GA na inneal a bheir a-mach staitistig mhionaideach mu ghnìomhachd làraich-lìn. Leigidh e leinn faicinn far an urrainn don làraich-lìn coinneachadh nas fheàrr ri feumalachdan ar luchd-cleachdaidh. 

Na criomagan a chleachdas sinn

Ainm Na bhios e a' dèanamh Nuair a thig e gu crìch
SC_ANALYTICS_GLOBAL_COOKIE Bidh e a’ leantainn ath-thadhal don làrach-lìn. 10 bliadhna
ASP.Net_SessionId  Bidh e a’ cuideachadh le bhith a’ cur dàta ann an àite stòraidh sealach ('caching'). Nì e seo air cuid de rudan gus am bi an làrach-lìn ag obair nas fheàrr dhutsa. Mar eisimpleir, ma dh’atharraicheas tu an duilleag gu iomsgaradh àrd, cumaidh e an suidheachadh mar sin gus an dùin thu do bhrobhsair. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 ApplicationGatewayAffinity  Bidh e a’ clàradh dè am frithealaiche-lìn a tha ga chleachdadh. Cha leig thu a leas seo airson gum bi an làrach-lìn ag obair, ach bidh e ag obair nas fheàrr ma tha seo agad. Mar eisimpleir, le bhith a’ leigeil le duilleagan luchdachadh nas luaithe. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 ApplicationGatewayAffinityCORS  Tha e a’ dèanamh comasach an reat as fheàrr de fhreagairt eadar an neach-cleachdaidh agus an làrach-lìn. Cha leig thu a leas seo airson gum bi an làrach-lìn ag obair, ach bidh e ag obair nas fheàrr ma tha seo agad. Mar eisimpleir, le bhith a’ leigeil le duilleagan luchdachadh nas luaithe. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 website#lang  Sàbhalaidh e an cànan as fheàrr leat a chleachdadh air an làrach-lìn. Ma thèid a chur dheth bidh an làrach-lìn a’ tilleadh chun a’ chànain aice fhèin (an dara cuid Beurla no Gàidhlig a rèir dè an làrach air a bheil thu a’ tadhal). Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.
 _ga (Google Analytics) Bidh e a’ clàradh Fèin-aithne sònraichte a thèid a chleachdadh gus dàta staitistigeil a ghineadh air mar a chleachdas tu an làrach-lìn.
2 bliadhna
 _gat (Google Analytics) Tha e air a chleachdadh le Google Analytics gus 'an ìre iarrtais' a throtadh.
latha
 _gid (Google Analytics) Bidh e a’ clàradh Fèin-aithne sònraichte a thèid a chleachdadh gus dàta staitistigeil a ghineadh air mar a chleachdas tu an làrach-lìn. latha
 collect (Google Analytics) Tha e air a chleachdadh gus dàta a chur gu Google Analytics mun inneal agad agus do ghiùlan brobhsaidh. Bidh e a’ stòradh an t-seisein agad gu sealach gus an dùin thu do bhrobhsair.

Share this page